download
Braighe Uige (lyrics)
This song tells the story of a hunter who has gone out hunting and not returned.
His lover imagines him lying dead among the deer on the hillside.
The song is sung very slowly and freely and the chorus is usually only sung after
the last verse.
rann
’S tha mo shealgair na shìneadh,’Na shìneadh, na shìneadh,’S tha mo shealgair na shìneadh, Anns an frìth gun tigh’nn dhachaigh.
Tha mo shealgair gun èirigh,
Gun èirigh, gun èirigh;
Tha mo shealgair gun èirigh,
’S tha na fèidh air an leacainn.
Tha na fèidh am Bràigh Uige,
’M Bràigh Uige, ’m Bràigh Uige;
Tha na fèidh am Bràigh Uige,
’S e mo dhiùbhail mar thacair.
Tha mo chrodh air na lòintean,
Na lòintean, na lòintean;
Tha mo chrodh air na lòintean,
’S na laoigh òga mun casan.
Iad gun togail ri aonaich,
Ri aonaich, ri aonaich;
Iad gun togail ri aonaich,
Fireach fraoich agus glacaibh.
Gura fuar Lag na h-Airigh,
Na h- Airigh, na h-Airigh;
Gura fuar Lag na h-Airigh,
Is mo ghràdh fo na leacaibh.
sèist
Hi an o ’s na hì hù ò,
Hi an o ’s na hì hù ò,
Hi an o ’s na hì hù ò,
Hi an o ’s na hì hù ò,